Am Prionnsa an Alba

Essay by McSheepCollege, UndergraduateA-, February 2004

download word file, 2 pages 4.0

Downloaded 24 times
Keywords , , , ,

Ann an 1603, chaochail bà nrigh Shasainn gun sliochd, agus chaidh crùn Shasainn gu rìgh Stiùbhartach nan Albannach, Seumas VI. Cha d' fhuair duine de shliochd Sheumais cothrom riaghladh ann an sìth, agus fad lìnn, thionndaidh iad chun nam fìneachan Gà idhealach airson cuideachadh fhaighinn. Thugadh 'Seumasaich' air na thug taic dhaibh.

Thug iad buaidh mhòr as leth a' chiad rìgh Teà rlach aig blà r Inbhir Lòchaidh ann an 1645, agus chaidh òran smiorail a sgrìobhadh mu dheidhinn le Iain Lom, bà rd Dòmhnallach ainmeil à Lochabar. Tha an cà rn aig Tobar nan Ceann faisg air Lagan a' cuimhneachadh dìoghaltas Iain Luim air mortairean Mhic Raghnaill.

Ann an 1692, thug sglamhair ùr crùn nan Stiùbhartach òrdugh borb Clann MhicIain Ghlinne Comhann a mhort, air sgà th 's nach robh iad air ùmhlachd a ghealltainn dha.

Lean an-fhois agus thog riaghaltas Bhreatainn gearasdain airson smachd a chumail air a' Ghà idhealtachd. Tha Abaid Chille Chuimein stèidhichte ann am pà irt de ghearasdan a chaidh a thogail as dèidh ar-a-mach ann an 1715.

Ann an 1745 nochd am Prionnsa Teà rlach Eideard Stiùbhart ann an Alba, a-rithist a' sireadh taic nam fineachan as leth nan Stiùbhartach. Cha robh na cìnn cinnidh idir deònach a dhol an sàs ann an ionnsaigh cho eu-dòchasach, ach ghèill an fheadhainn a bu dìlse agus chruinnich iad an Gleann Fhionghain san Lùnasdal 1745.

Ged nach robh aige ach 5000 mar arm chuir am Prionnsa Teà rlach Alba fodha agus rà inig e Derby ann an Sasann. Ach cha do dh'èirich Seumasaich Shasainn leis mar a gheall iad agus cha do nochd taic Frangach, agus b' fheudar dha tilleadh a dh'Alba.

Chaill na Seumasaich ann am blà r brùideil air Druim Athaisidh (no CùilLodair), sa Ghiblean 1746, far an deach casgradh uamhasach air an fheachd bheag le arm Breatannach là idir fo dheagh uidheam.

As dèidh sin, chaidh achdan...